O Iain Ghlinn’ Cuaich, fear do choltais cha dual da fàs,
Cul bachlach nan dual ’s e gu camlubach suas gu bhàrr,
’S i do phearsa dheas ghrinn a dh’fhàg mi cho tinn le gràdh,
’S nach’ eil cron ort ri inns’ o mhullach do chinn gu d’sàil.
Ach an trian dhe do chliù cha chuir mise, a rùin an céill,
’S caoimh’ faiteal dhe d’ghnùis na ùr choille fo dhrùchd ri gréin,
Gum b’ e miann mo dhà shùil a bhith sealltainn gu dlùth ad dhéidh,
’S math a b’airidh mo rùn-s’ air fear-oighre a’ chrùin fo sgéith.
Iain, Iain, a ghaoil, cuim’ a leig thu me faoin air chùl,
Gun ghuth cuimhn’ air a’ ghaol a bh’againn araon air tùs?
Cha tug mise mo spéis do dh’fhear eile fo’n ghréin ach thu,
Is cha toir as do dhéidh gus an càirear mo chré ’san ùir.
Ged a chinn thu rium fuar, bheil thu, Iain, gun truas ’s mi ’m chàs,
’S a liuthad là agus uair chuir thu ’n céill gum bu bhuan do ghràdh?
Ach ma chaochail mi buaidh, ’s gun do choisinn mi t’fhuath na t-fhearg,
Tha mo bheannachd ad dhéidh, ’s feuch an tagh thu dhuit fhéin nas fhèarr.
supported by 6 fans who also own “Iain Ghlinn’ Cuaich”
The original CD was one of my first internet purchases around 1999/2000. The only place I could find it was some random music store in Holland, I had to send a check and it took almost 6 months to show up in the mail 😂 Travis Donnell
Former member of Fela Kuti’s Egypt 80 unveils a rich, swinging new record that pulls from jazz and soul in its high-wattage songs. Bandcamp New & Notable Apr 24, 2024